English | Gàidhlig

Oifis Iomairtean na Gàidhlig

Fàilte oirbh do Ghàidhlig na h-Albann Nuaidh

Éisdibh ris an duilleig seo

‘S e cànain Cheilteach a th’ anns a’ Ghàidhlig. Buinidh a’ Ghàidhlig, an Ghaeilge (Gàidhlig na h-Éireann), agus Gàidhlig Mhanainn, do mheur nan cànainean Ceilteach ris an canar ‘Goidelic’; tha iad sin uile beò ’s ri ’n cluinntinn ’s an latha ’n diugh. Mar sin, tha na trì seo ’nan geug Goidelic, no Gàidhlig, dhe na cànainean Ceilteach.

B’ ann leis na h-eilthirich á Gàidhealtachd agus Eileanan an Iar na h-Albann, a’ tòiseachadh leis a’ chiad luchd-àiteachaidh ’s a' bhliadhna 1773, a thàinig a’ Ghàidhlig a thathas a' bruidhinn ann an Albainn Nuaidh.

Mar sin, tha sinn air a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig anns a’ mhóir-roinn seo fad còrr is 230 bliadhna.

Is urram do dh’Oifis Iomairtean na Gàidhlig a bhith a’ toirt cuideachaidh gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh agus a leasachadh ’s na coimhearsnachdan againn.

’S e dòchas na h-Oifis gum bi an làrach-lìn seo ’na goireas cuideachail do choimhearsnachd na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh agus dhan fheadhainn a tha an dùil ri fios a bharrachd ’fhaighinn air mar a dh’fhaodas iad pàirt a ghabhail ann a’ gnìomhachais na Gàidhlig, mar chlasaichean anns a’ chànain agus ealainean na Gàidhlig, a bheir togail dhaibh ’s a tha ’tachairt air feadh na Móir-roinne.

Dearbhachd na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh.

'S a' chlàr-iùil air taobh ceàrr na duilleig dhachaidh, brùthaibh air "Fiosrachadh Gàidhlig" gus Ainmean-àite Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh is foidhlichean fuaim' air an son 'fhaighinn.

 

Uaigneas | Beachdan